Geàrrloch

dealbhan 5 - 8 

Clàr-innse

A. Dealbh-tìre fiosaigeach, fàsmhorachd nàdarra 's cleachdadh-fearainn

Beinn Ailiginn / Beinn Dhearg / Baosbheinn agus Beinn an Eoin / Loch Ma-Ruibhe agus Loch Iù (1-4)

Lochan nan Sìthichean / Tràigh Gheàrrloch / Beinn Airigh Charr / Inbhirean (5-8)

Eileanan Loch Ma-Ruibhe (9-12)

B. Tuineachadh, àiteachas agus seirbheisean

An Dùn, Geàrrloch / Erradal Shuas / Na h-Obainean

Diabaig / Dàm Gheàrrloch / Geàrrloch / Cearnag na Strath (13-16)

Achd a' Cairn (17-20)

C. Turasachd

Sannda Mhòr / Taigh-òsda Gheàrrloch / Osdail Oigrich a' Chàirn Dheirg

Bad a Chròtha (21-24)

D. Gnìomhachas

Cidhe Gheàrrloch / Bàtaichean iasgaich / Stèisean Iasgach an Rubha Dheirg

Tuath Eisg na Cahtair Bige / Sgeama Dealan an Loch Garbhaig / Cuaraidh Gheàrrloch (25-28)

E. Geàrr-chunntas

Geàrrloch

| An ath-dhuilleag | Mullach na duilleig | Duilleag na dachaigh |

Dealbh 5

Teacs 5

 (811715, deas)

(tuim agus lochan: knob and lochan)  

Tha an cruth-tìre an-seo (8171) mar thoradh air bleith a' Ghneiss Leòdhasaich. 'S aithne dhuinn e mar chumadh-tìre tuim agus lochain. Tha na tomannan no na cnuic bheaga a' cuairteachadh lagan làn uisge, na lochain. Aithnichear iad sin san àite leis an ainm Lochan nan Sìthichean. Aig cùlaibh an deilbh (7966) tha ceàrnaidh farsaing de mhonadh mòine. Tha a' mhòine seo air fàs bho leagh na h-eigh-shruthan agus tha i air a dèanamh de lusan marbh a bhith a' cruinneachadh thairis air an 12,000 bliadhna mu dheireadh.

| Mullach na duilleig | Duilleag na dachaigh |

Dealbh 6

Teacs 6

(804758, an ear-dheas)

 (tràigh àrdaichte: raised beach; Linn na Deighe: Ice Age; oirthir: coast) 

Tha tràighean àrdaichte (raised beaches), a chaidh a chruthachadh le atharrachadh ann an ìre na tìre agus na mara as dèidh Linn na Deighe, nan ceàrnaidhean feumail de dh' fhearann còmhnard ann an ionad cnocach. Tha an tè seo faisg air Geàrrloch (8075) air a dèanamh de dhùin ghainmhich agus 's e raon goilf naoi tuill a tha innte. Tha an dealbh dorcha seo a' sealltainn taobh eile de chruinn-eòlas fiosaigeach Gheàrrloch (8075). Ri linn oirthir fhosgailte, tha a' ghaoth gu tric làidir, agus tha ìre an t-silidh àrd aig mu thimcheall air 1500mm sa bhliadhna. Le gaoth làidir, bidh a' mhuir garbh. Aig cùlaibh an deilbh tha sgòthan iosal a' falach mullach Bhaosbheinn (8567).  

| Mullach na duilleig | Duilleag na dachaigh |

Dealbh 7

Teacs 7

 (892772, deas) 

(fàsmhorachd: vegetation; tobar maoine: source of income) 

Tha fàsmhorachd nàdarrach a' cheàrnaidh air atharrachadh thairis air nan linntinn. Uair, bha coille a' còmhdachadh a' cheàrnaidh ach 's e fraoch agus feuran garbh, mar a chithear san dealbh seo, an seòrsa fàs as motha a tha ann a-nis. Tha an talamh bochd, searbh agus làn mòine. Tha bac mònach, far am bi mòine air a gearradh gus a' tiormachadh airson connadh, faisg air beulaibh an deilbh. Tha an còrr den cheàrnaidh a' beathachadh chaorach agus fhiadh. Tha na fèidh air am biadhadh ri taobh an rathaid (air an làimh dheis) tro mhìosan a' gheamhraidh agus tha iad air an cumail fo rian aig na h-oighreachdan gus cothrom seilg a thoirt dhaibh. Tha seo na thobar maoine chudromaich agus na chosnadh do dh'iomadh oighreachd. Aig cùlaibh an deilbh, tha Beinn Airigh Charr (9376). 

[Chan eil gearradh na mòine idir cho cumanta 's a bha e eadhan ann an 1989.]

| Mullach na duilleig | Duilleag na dachaigh |

Dealbh 8

Teacs 8

(862777, an ear-thuath) 

(fàth-cosnaidh: employment)

Tha an sealladh seo a' coimhead sìos air Inbhirean (8778), taigh mòr leis an fheadhainn aig a bheil an oighreachd. Tha gàrradh mun cuairt air agus cuideachd coille bheithe agus coille dharaich nàdarrach. 'S e an t-uisge seo màthair-uisge Abhainn Iù far a bheil e a' sruthadh bho Loch Ma-ruibhe. 'S e abhainn mhath a tha innte airson bhradan agus bhreac agus, gun i ach ceithir chilemeatair a dh'fhaid,'s i aon de na h-aibhnean cudromach as giorra an Alba. Tha obair an iasgaich air an abhainn agus air an loch a' ciallachadh fàth-cosnaidh far am feum daoine coimhead às dèidh na h-aibhne agus luchd-tadhail a thoirt a dh'iasgach.

[Tha obair an iasgaich air a bhith fìor bhochd o chionn beagan bhliadhnaichean agus sin a' toirt buaidh leantainneach air cosnadh.]  

| An ath-dhuilleag | Mullach na duilleig | Duilleag na dachaigh |

Hosted by www.Geocities.ws

1