Geàrrloch

dealbhan 21 - 24 

Clàr-innse

A. Dealbh-tìre fiosaigeach, fàsmhorachd nàdarra 's cleachdadh-fearainn

Beinn Ailiginn / Beinn Dhearg / Baosbheinn agus Beinn an Eoin / Loch Ma-Ruibhe agus Loch Iù (1-4)

Lochan nan Sìthichean / Tràigh Gheàrrloch / Beinn Airigh Charr / Inbhirean (5-8)

Eileanan Loch Ma-Ruibhe (9-12)

B. Tuineachadh, àiteachas agus seirbheisean

An Dùn, Geàrrloch / Erradal Shuas / Na h-Obainean

Diabaig / Dàm Gheàrrloch / Geàrrloch / Cearnag na Strath (13-16)

Achd a' Cairn (17-20)

C. Turasachd

Sannda Mhòr / Taigh-òsda Gheàrrloch / Osdail Oigrich a' Chàirn Dheirg

Bad a Chròtha (21-24)

D. Gnìomhachas

Cidhe Gheàrrloch / Bàtaichean iasgaich / Stèisean Iasgach an Rubha Dheirg

Tuath Eisg na Cahtair Bige / Sgeama Dealan an Loch Garbhaig / Cuaraidh Gheàrrloch (25-28)

E. Geàrr-chunntas

Geàrrloch

| An ath-dhuilleag | Mullach na duilleig | Duilleag na dachaigh |

Dealbh 21

Teacs 21

 (777737, an ear) 

'S e baile taitneach a th' ann am Bad a' Chròtha (7873) le caladh math, fasgach airson gheataichean. Air sgàth sin tha mòran thaighean samhraidh agus thaighean fòrlaidh ann, agus ri linn sinn tha e sàmhach agus cha mhòr na fhàsach anns a' gheamhradh. Tha sgìre Gheàrrloch uireannan air a thaghadh le daoine a tha air an dreuchd a leigeil seachad agus air sàillibh sin, agus òigridh a' gluasad a-mach a' lorg obair, tha an àireamh às a' cheud de sheann daoine nas àirde na tha gnàthach dhan chòrr dhen dùthaich.

Earrann D: gnìomhachas

| Mullach na duilleig | Duilleag na dachaigh |

Dealbh 22

Teacs 22

 (805736, tuath) 

(giollachd: gutting) 

Tha iasgach daonnan air a bhith cudromach do eaconomaidh Gheàrrloch. Anns na 1860an, bha Bad a' Chròtha (7873) air fear de na puirt sgadain a bu mhotha ann an Alba. 'S e cidhe Gheàrrloch (807748) a-nis an t-àite as cudromaiche airson iasgach anns a' cheàrnaidh. Tha e suidhichte ann am pàirt fasgach de Loch Gheàrrloch agus o chionn ghoirid chaidh a leudachadh gus an gnìomhachas a leasachadh. Dìreach air cùl a' chidhe, ann am meadhan an deilbh, tha factaraidhan èisg far a bheil crùbagan, maosgain chaola agus giomaich a tha air an glacadh air an giollachd mus tèid an cur air falbh, a' mhòr-chuid dhan Fhraing no dhan Spàinn. Tha am factaraidh a' toirt obair do dh'eadar 20 agus 35 a-rèir 's dè na th' ann de mhaorach ri ghiollachd. 

[Tha atharrachaidhean air a bhith ann an gnìomhachas giollachd an èisg ann an Geàrrloch ged a tha e a' cumail a' dol a-rèir mar a chaidh aithris.] 

| Mullach na duilleig | Duilleag na dachaigh |

Dealbh 23

Teacs 23

 (806750, an ear-dheas) 

'S e sealladh a tha seo de chidhe Gheàrrloch air a ghabhail san fheasgar. Bidh bàtaichean iasgaich bho phuirt na h-oirthir an ear, mar Bucaidh, ag obair a-mach à Geàrrloch còmhla ri bàtaichean clàraichte air a' chost an iar. Bidh iad sin a' breith air a' mhaorach le bhith a' tarraing lìon thairis air grunn na mara, dòigh ris an canar tràladh. Tha iad ag obair anns a' Chuan Sgìth, a' tighinn air ais a Gheàrrloch no gu aon de na puirt eile air a' chosta an iar airson an luchd fhalamhachadh.

| Mullach na duilleig | Duilleag na dachaigh |

Dealbh 24

Teacs 24

  (738672, an ear-dheas)

Timcheall an oirthir gheibhear stèiseanan iasgaich bhradan coltach ris an fhear seo faisg air An Rubha Dearg (739672). As t-samhradh tha e fo chùram còignear dhaoine a tha a' cur a-mach lìn far an ghlacar am bradan. Tha na lìn air an crochadh air uèirichean airson an càradh.Tha an sealladh seo a' coimhead an ear-dheas sìos Loch Thoirbheartan agus Osdail Oigridh Chreig (774638) an àiteigin pìos air falbh air an làimh chlì.

[Chan eil ach aon stèisean iasgach bhradan a' dol anns an sgìre agus tha na thathas a' breith air sìos gu mòr o chionn beagan bhliadhnaichean.]

| An ath-dhuilleag | Mullach na duilleig | Duilleag na dachaigh |

Hosted by www.Geocities.ws

1