Geàrrloch

dealbhan 13 - 16 

Clàr-innse

A. Dealbh-tìre fiosaigeach, fàsmhorachd nàdarra 's cleachdadh-fearainn

Beinn Ailiginn / Beinn Dhearg / Baosbheinn agus Beinn an Eoin / Loch Ma-Ruibhe agus Loch Iù (1-4)

Lochan nan Sìthichean / Tràigh Gheàrrloch / Beinn Airigh Charr / Inbhirean (5-8)

Eileanan Loch Ma-Ruibhe (9-12)

B. Tuineachadh, àiteachas agus seirbheisean

An Dùn, Geàrrloch / Erradal Shuas / Na h-Obainean

Diabaig / Dàm Gheàrrloch / Geàrrloch / Cearnag na Strath (13-16)

Achd a' Cairn (17-20)

C. Turasachd

Sannda Mhòr / Taigh-òsda Gheàrrloch / Osdail Oigrich a' Chàirn Dheirg

Bad a Chròtha (21-24)

D. Gnìomhachas

Cidhe Gheàrrloch / Bàtaichean iasgaich / Stèisean Iasgach an Rubha Dheirg

Tuath Eisg na Cahtair Bige / Sgeama Dealan an Loch Garbhaig / Cuaraidh Gheàrrloch (25-28)

E. Geàrr-chunntas

Geàrrloch

| An ath-dhuilleag | Mullach na duilleig | Duilleag na dachaigh |

Dealbh 13

Teacs 13

(797600, tuath) 

'S e baile croitearachd a tha ann an Diabaig (7960), fada gu deas anns an earrann mhapa. Tha an rathad a tha ga cheangal ri Toirbheartan lùbach le àireamh de bhruthaichean casa (mar a chithear aig 7960). Tha am baile air buannachd fhaighinn o chionn ghoirid bho leasachadh nan tuathan-èisg agus tha luchd-obrach a-nis ag obair aig na cèidsichean èisg anns an loch mhara fhasgach, dìreach gu deas air a' mhap seo.  

| Mullach na duilleig | Duilleag na dachaigh |

Dealbh 14

Teacs 14

 (846718, an ear-thuath) 

(Lìon Nàiseanta: National Grid)

Tha seirbheis phostachd làitheil Gheàrrloch air a sholair le bus a' phuist. 'S e am bus seo agus bus làitheil an aon sheirbheis chòmhdhail poblach a tha ann a-mach agus a-steach às a' cheàrnaidh. 'S e rathaidean singilte le àiteachan-seachnaidh airson càraichean eile a leigeil seachad, no a dhol seachad orra, a tha ann am mòran dhe na rathaidean mun cuairt Gheàrrloch fhathast. Tha am prìomh rathad, an A832, mean air mhean ga dhèanamh nas fheàrr ged a thèid iomadh bliadhna seachad mus bi e uile na rathad dùbailte. Chithear bus a' phuist a' dol seachad air Dàm Gheàrrloch (847720), a chaidh a thogail ann an 1949 gus Loch Bad na Sgalaig a dhèanamh nas motha, loch a tha a' seirbheiseachadh an stèisean dealain-uisge beag aig Eas Chearraidh (829719). An toiseach bha a 1250 Cilebhat de chur-a-mach a' seirbheiseachadh na sgìre ach a-nis tha loidhne 33 Cilebholt, ceangailte ris an Lìon Nàiseanta, a' toirt seachad am barrachd a tha dhìth. Aon bhuaidh a tha aig an stèisean dealain, 's e gu bheil cùrsa na h-aibhne, an t-eas (838720) cuideachd, eadar an dàm agus stèisean an dealain tioram, ach an-dèidh dha uisge trom a bhith ann.

[Stad seirbheis bus a' phuist ann an 1998. Tha grunnan sheirbheisean a bharrachd air an ruith gu àiteachan iomallach le cuideachadh bho Ur-sgeama Chòmhdhail Dhùthchail an riaghaltais agus tha seirbheis samhraidh a' ruith dà uair san t-seachdain, an dà rathad, eadar Inbhir Nis agus Ulapul.]

| Mullach na duilleig | Duilleag na dachaigh |

Dealbh 15

Teacs 15

 (812761, an iar-thuath) 

(coitcheann: common; Innse Gall: Outer Hebrides) 

'S e Geàrrloch prìomh àite-còmhnaidh na sgìre. Tha àireamh an t-sluaigh mu 800, ged a tha seo a' dol suas gu mòr as t-samhradh nuair a thig an luchd-turais. Chithear làrach a' bhaile air tràigh àrdaichte. Seachad air, tha baile croitearachd an Lòin Mhòir (7877) a' sealltainn dhuinn am pàtran coitcheann a tha air tuineachadh sgapte. Tha eilean Longa (7377) clì dhen mheadhan agus fad air falbh tha Innse Gall. 

[Chaidh àireamh an t-sluaigh suas 11% eadar 1981 agus 1991 agus, airson ceàrnaidh ceathreamh a' mhapa, tha e mu 1000 neach air fad.]

| Mullach na duilleig | Duilleag na dachaigh |

Dealbh 16

Teacs 16

 (796773, an iar)

Tha Geàrrloch cudromach mar ionad ghoireasan dhan sgìre mun cuairt. Ann an Ceàrnaig na Srath (796773) tha bùth bathar-chruaidh, oifis a' phuist, bùth shlisneagan, dà bhùth ceàird, gruagaire, taigh-bìdhe agus taigh-òsda. Faisg air làimh tha dà bhùth grosair, bùidsear agus bùth dealanair agus phàipearan. Tha dachaigh seann daoine cuideachd faisg air làimh. Tha gnè agus àireamh nan seirbheisean rim faighinn ann an Geàrrloch nas motha na bhiodh dùil airson baile de mheudachd. Tha seo a bhuil an astair a tha ann gu bailtean mòra eile ('s e Ulapul agus Inbhir Pheofharain as fhaisge, an dithis 90 cilemeatair (56 mìle) air falbh).

[Tha atharrachadh air tighinn air obair-gnìomhachais an t-Srath anns an eadar-ama ach 'se fhathast an aon bhun-phàtran a tha follaiseach.]

| An ath-dhuilleag | Mullach na duilleig | Duilleag na dachaigh |

Hosted by www.Geocities.ws

1