Geàrrloch

dealbhan 17 - 20 

Clàr-innse

A. Dealbh-tìre fiosaigeach, fàsmhorachd nàdarra 's cleachdadh-fearainn

Beinn Ailiginn / Beinn Dhearg / Baosbheinn agus Beinn an Eoin / Loch Ma-Ruibhe agus Loch Iù (1-4)

Lochan nan Sìthichean / Tràigh Gheàrrloch / Beinn Airigh Charr / Inbhirean (5-8)

Eileanan Loch Ma-Ruibhe (9-12)

B. Tuineachadh, àiteachas agus seirbheisean

An Dùn, Geàrrloch / Erradal Shuas / Na h-Obainean

Diabaig / Dàm Gheàrrloch / Geàrrloch / Cearnag na Strath (13-16)

Achd a' Cairn (17-20)

C. Turasachd

Sannda Mhòr / Taigh-òsda Gheàrrloch / Osdail Oigrich a' Chàirn Dheirg

Bad a Chròtha (21-24)

D. Gnìomhachas

Cidhe Gheàrrloch / Bàtaichean iasgaich / Stèisean Iasgach an Rubha Dheirg

Tuath Eisg na Cahtair Bige / Sgeama Dealan an Loch Garbhaig / Cuaraidh Gheàrrloch (25-28)

E. Geàrr-chunntas

Geàrrloch

| An ath-dhuilleag | Mullach na duilleig | Duilleag na dachaigh |

Dealbh 17

Teacs 17

 (803768, an iar-thuath) 

Tha bad eile de sheirbheisean anns a' phàirt de bhaile Gheàrrloch a tha aig crois-rathaidean B8021 agus A832 (8076), 's e sin Achd a' Chàirn. Ann an-seo tha bùth grosair eile, taigh-tasgaidh, taigh-bìdhe, stèisean poileis (air an iomall dheis), ionad fiosrachaidh luchd-turais agus ionad coimhearsnachd (na dhà sin air an làimh dheis). Thar nan craobhan tha a' bhun-sgoil agus àrd-sgoil bheag sia-bliadhna. Bidh clann a' tighinn chun na bun-sgoile cha mhòr bho gach pàirt de cheann tuath a' mhapa. Tha an àrd-sgoil a' frithealadh sgìre na h-earrann mapa seo agus fada thairis air, gu ruige 17 mìle gu tuath agus 37 mìle gu deas. Tha mu 170 sgoilear air an rolla.

[Ann an 1994, chaidh sgoil ùr fhosgladh air an fhearann a tha air an làimh dheis dhe na toglaichean a tha aig fìor làimh dheis an deilbh. Tha seo a' gabhail a-staigh ionad spòrs a tha a' frithealadh a' phobaill cho math ris an sgoil. Chaidh leasachaidhean mòra a dhèanamh air a' Bhun-sgoil anns a' bhliadhna a tha seachad agus gheibhear a-nis foghlam sgoil-àraich innte. Tha àireamh nan sgoilearan anns an ard-sgoil an-dràsda aig 210. Chaidh pàirt dhen achadh, ri taobh dhan deach an dealbh a thogail, a leasachadh le taighean de sheòrsachan measgaichte, Ionad-Slàinte ùr (air fhosgladh an 1994) agus dà bhùth ceàird. Tha iad sin an-dràsda falamh.]

Earrann C: turasachd

| Mullach na duilleig | Duilleag na dachaigh |

Dealbh 18

Teacs 18

  (761778, an iar) 

Tha sgìre Gheàrrloch a' còrdadh gu mòr ris an luchd-turais agus tha i a' tairgsinn diofar thàladh dhaibh. 'S e Ionad Saor-làithean Shannda (759784) an làrach campaidh agus charabhanaichean as motha de dh'àireamh a tha san sgìre. Tha e stèidhichte air cùlaibh dùin ghainmhich agus tràigh ghainmhich fharsaing glè fhaisg air. A thuilleadh air na cur-seachadan tràighe àbhaisteach, gheibhear cuideachd grunnan spòrsan uisge - nam measg surfadh-gaoithe, curachanachd agus seòladh. Aig cùl an deilbh tha baile croitearachd Sannda Mòire (7579).

| Mullach na duilleig | Duilleag na dachaigh |

Dealbh 19

Teacs 19

 (806758, tuath)

Tha àireamh de thaighean-òsda agus mòran thaighean aoigheachd anns an sgìre. 'S e Taigh-òsda Gheàrrloch (805762) a th' anns an dealbh seo. Tha rùm-fuirich ann airson 122 neach agus tha busaichean turais nam pàirt mhòr dhen obair. 'S e Taigh-òsda Gainmhich Gheàrrloch (803767) an togalach mòr dorcha a tha ri oir an rathaid aig a' chùl. 'S e àiteachan-fuirich fèin fhrithealaidh a tha ann agus tha cuideachd cothrom gheamachan ann leithid teanas bùird agus pool. Chan eil an t-sìde an còmhnaidh freagarrach airson cur-seachadan a-muigh! 

[Gu mi-fhàbharach, losgadh Taigh-òsda Sands gu talamh aig deireadh 1999.]

| Mullach na duilleig | Duilleag na dachaigh |

Dealbh 20

Teacs 20

 (773638, an ear) 

(cruadal: harshness)

Tha dà osdail òigridh faisg air Geàrrloch.Tha Osdail Oigridh a' Chàirn Dheirg (763776) ri taobh an rathaid dìreach air cùl far an deach dealbh 18 a thogail. Tha Osdail Oigridh Chreige (774638), a chithear san dealbh seo, gu math eadar-dhealaichte. Chan eil rathad idir thuige, dìreach ceumannan à Diabaig (7960) agus on Rubha Dhearg (7369). A dh'aindeoin cho iomallach 's a tha e, tha e a' tàladh gu leòr luchd-coiseachd rè an t-samhraidh. Tha an dà osdail dùinte sa gheamhradh, mar a tha iomadh goireas turasachd eile. 

Faodar tobhtaichean fhaicinn anns an raineach air an taobh chlì. Tha Craig mar a tha iomadh àite-còmhnaidh iomallach sa' cheàrnaidh, an dàrna cuid gu tur lom no gun ach togalach no dhà air fhàgail. Tha cruadal na dòigh-beatha, ann an leithid seo de dh'àiteachan, air an call sluaigh seo adhbhrachadh; chan eil air fhàgail de dhòigh-beatha na croite ach beagan chruidh no chaorach air an cur a-mach gu feur air fearann a b'àbhaist a bhith air àiteachadh.

| An ath-dhuilleag | Mullach na duilleig | Duilleag na dachaigh |

Hosted by www.Geocities.ws

1