Chaidh an obair seo a chur ri chèile an toiseach ann an 1989, agus tha e air a chur for comhair mar a chaidh a dhèanamh an uair sin, ach le tuilleadh notaichean, ann an camagan ceàrnach, airson am fiosrachadh a dhèanamh cho ùr 's a ghabhas.
Ma bhios sibh a' coimhead air bileag 19 Sreath Landranger, Clàrachas na Dùthcha, ann an riochd a chaidh fhoillseachadhas dèidh 1974, an turas mu dheireadh a chaidh ath-sgrùdadh mòr a dhèanamh ann an 1989, 's dòcha nach bi e gu feum. Tha an stuth air a chur for comhair gun atharrachadh airson a bhith air a chleachdadh le sgoiltean ann an Roinn na Gaidhealtachd aig a bheil lethbhreacan de chairteil an iar-dheas den mhap a chaidh a chur a-mach nuiar a chaidh an stuth a chur ri chèile.
Gheibhear comharradh-clèithe agus an àird on thogar an dealbh ann an camagan ro gach tuairisgeul. (comharradh-clèithe: grid reference; camagan: brackets)
[Tuilleadh fiosrachaidh (1999)]
An teacs uile ri fhaotainn air an aon duilleig
| An ath-dhuilleag | Mullach na duilleig | Duilleag na dachaigh |
|
(849634, an ear-dheas)
(Toirbheartan: Torridon; eigh-shruth: glacier; stùc piorramaideach: pyramidal peak; bleith eigheadail: glacial erosion; coire: corrie)
Tha seo a' sealltainn Beinn Ailiginn (8660) bhon iar-dheas. Tha i air a dèanamh de chloich-ghainmhich Thoirbheartanaich, fìor sheann chreag air a h-ainmeachadh air a' cheàrnaidh bheanntan seo, Cnuic Thoirbheartain. Chithear buaidh nan eigh-shruth gu soilleir. Tha stùcan piorramaideach an Sgùrra Mhòir (865612), am mullach as àirde, agus, clì air, aon de Stùcan Ailiginn (873612) a' sealltainn am bleith eigheadail a dh'fhuiling a' bheinn. Chun na làimh dheis, fo Tom na Gruagaich (859601), tha eisimpleir math de choire. Tha an dà phrìomh mhullach aig Beinn Ailiginn, Sgùrr Mhòr agus Tom na Gruagaich air an ceangal ri chèile le druim cumhang ris an canar arête.
| Mullach na duilleig | Duilleag na dachaigh |
(915612, an iar-thuath)
(loch riobanach: robbon loch; uchd-ghlacadh: nestling; moraine eigheadail: glacial moraine; feall-shruth: misfit stream; mòr-dhèidh: popular)
Tha an dealbh seo a' coimhead chun an iar bho Chàrn na Feòla (915612) gu mullach na Beinne Deirge (895607) air an iomall chlì den dealbh. Air a' chùlaibh chithear an Sgùrr Mhòr (865612) aig Beinn Ailiginn a chunnacas san dealbh mu dheireadh. An-seo tha eisimpleir eile de choire, an turas seo le lochan (falaichte bhon t-sùil air an làimh chlì) air uchd-ghlacadh fo na stallachan creagach. Tha gleann grinn air cumadh U (8862), an làr aige còmhdaichte le moraine eigheadail, a' sìneadh air falbh chun an iar-thuath agus fad às tha Loch a' Bhealaich (8664), loch riobanach.Tha an abhainn (m.e. 8863) fada ro bheag airson a bhith air an gleann a chruthachadh gun chuideachadh bho eigh-shruth; canar feall-shruth ris. Tha seo na dhearbhadh eile air buaidh eigh-shruthan anns a' cheàrnaidh.Tha mòr-dhèidh aig luchd-turais air a' cheàrnaidh agus 's ann le Urras Nàiseanta na h-Alba a tha cuibhreann math de Bheanntan Thoirbheartan (8860).
| Mullach na duilleig | Duilleag na dachaigh |
(935611, an iar-thuath)
(thuinich: settled; mìn-chruthach: streamlined; moraine talmhainn: ground moraine)
| Mullach na duilleig | Duilleag na dachaigh |
(925764, an iar-thuath)
(cearb geòlasach: geological fault; snath-greige: rock basin; Gneiss Leòdhasach: Lewisian Gneiss; creag chruth-atharrachail: metamorphic rock)
'S e loch riobanach mòr a tha ann an Loch Ma-Ruibhe (8974, etc.). Aon adhbhar cudromach airson a mheudachd 's e gu bheil e na laighe ri taobh cearb geòlasach no loidhne de laige. Tha eigh-shruth air cothrom a ghabhail air an laige seo agus air snath-creige a dhèanamh, a tha a-nise làn uisge, agus a tha a' dol gu math nas ìsle na àirde na mara. Tha an linne air an làimh dheis na pàirt de loch mhara ris an canar Loch Iù. Mach air a' chùlaibh chithear àrdachadh fearainn beag; tha an cidhe seo a' comharrachadh loidhne na cirbe. Mu mheadhan an deilbh air an làimh chlì (8677), chithear creag chudromach eile den cheàrnaidh seo. Is e seo Gneiss Leòdhasach, creag chruth-atharrachail. Tha i tric na seasamh a-mach bhon chreig ghainmhich mar chruth-tìre nas gairbhe.
| An ath-dhuilleag | Mullach na duilleig | Duilleag na dachaigh |