A' Bratach Breacadh Nan Reult
E.T. Catriona NicLeoid MacAonghais of Framboise, Cape Breton

O am faic sibh gu moch an am bristeadh an tràth'
A ni dh'fhàg sinn fo uaill 'n am dol fodha na gréine,
Le chuid rionnagan soills' 'us na sgrìoban breac bàn
Thar an daighnich bho 'n àird troimh gach gàbhadh 'us éiginn?
'S gach ional-càtha 's gach fuaim bh' anns an iarmailt mu'n cuairt
Thug dhuinn dearbhadh troimh 'n oidhch' gu robh bhratach sin suas;
O! am bheil fathast a' bhratach air bheil breacadh nan reult
Os cionn dachaidh sluagh saor 'us àit' còmhnuidh nan treun?
 
Mach o 'n chladach 'us thall troimh na cheò 'us na smuid
Chì mi cabhlach an namhaid nan àrdan 's nan uamharr,
Air a' bhruaich os an cionn chì mi bratach mo rùin
Mar a sheideas a' ghaoth i gu bòidheach a' gluasad.
'S mar tha ghrian dol an àird sgaoileadh soluis 's gach àit',
Tha glòir na maduinn 'ga glacadh 's a tilgeadh fhaileas 's an tràigh.
Gu ma buan bhios a' bhratach air bheil breacadh nan reult
Os cionn dachaidh sluagh saor 'us àit' còmhnuidh nan treun!
 
O gu 'm bitheadh e mar sin nuair a sheasas sluagh saor
Eadar dachaidh an gaoil agus uamhas nam blàraibh!
Nuair thig buaidh agus sìth bheir sinn cliu dhà na'n aon
'Us a chumhachd a dhìon 'us a ghléidh sinn bh' ar nàmhaid!
Agus buadhaichidh sinn anns gach àit' agus linn
Le ar n-earbs' chuir an Dia 's leis a' cheartas bhi leinn.
'S bi gu buadhach a' bhratach air bheil breacadh nan reult
Os cionn dachaidh sluagh saor 'us àit' còmhnuidh nan treun!

Return
 
This page hosted by Geocity Icon | Get your own Free Home Page
Hosted by www.Geocities.ws

1