Date: Sat, 13 Jan 1996 18:35:25 -0400
From: [email protected]
To: [email protected]
Subject: Och nan och - ceistean
 
A chàirdean,
 
Tha dà theip agam air am bheil an t-òran seo, "Och nan och tha mi fo mhulad" no "Smuaintean an eilithrich" no "Òran Màiri Dhall". Ach chan e na h-aon fhaclan a tha air na teipichean seo agus a tha anns a' leabhar "Eilean Fraoich" no ann an "Còisir a' Mhòid 3". Rinn mi oidhirp air na faclan a sgrìobhadh bho na teipichean, agus bhithinn fada an comain duine sam bith dham b'urrainn an ceartachadh dhomh.
 
Ciarán O Duibhín.

Sgeulachd an òrain an tòiseach: Rugadh Màiri Mhurchaidh Thormoid Nic Iomhair air Eilean Phabaidh. Cha robh i ach bliadhna dh'aois nuair a chaidh an t-eilean fhàsachadh, agus chaidh muinntir Mhàiri a thàmh gu Bhaltos, air taobh siar Leódhais. 'Se "Bliadhnach Phabaidh" a thugas air Màiri a riamh bho'n uair sin. Nuair a thàinig i gu ìre, rinn i imrich gu Ameirigea, ach cha do chòrd an tìr sin rithe idir. 'S ann thall thairis a bha i nuair a rinn i an t-òran tha seo. Nuair a bhiodh Leódhasach air an robh i eòlach a' tilleadh dhachaidh, 's ann a bheireadh Màiri an t-òran seo dha (seall an rann mu dheireadh). An déidh móran bhliadhnaichean thill Màiri i fhéin gu Bhaltos agus rinn i còmhnaidh an sin a rithis, ach bha i air fàs dall an uair sin. Bhàsaich i ann an 1920.
 
Kristine Kennedy: Off the Beat

Séist: Och nan och, tha mi fo mhulad,
       Dhòmh-sa tha mo chòmhradh duilich,
       'S cruaidh an càs, ach 's fheudar fhulang,
       'S mi fuireach anns a' choille mhóir.
 
Tha mi nis an so glé chianail,
Falt mo chinn gach là a' liathadh,
'Se bhith cuimhneach Leódhas riabhach
A tha 'gam leagail sìos le bròn.
 
Am measg Éireannaich is Frangaich,
Agus Sasunnaich na Galltachd,
Daoin'aig am bheil iomadh cainnt
Nach tuig mo cheann-sa ri mo bheò.
 
'S fhada 's fhada gabhail an fhoighid, ???
Bhith dol seachad sìos le béimnich, ???
Nuair a gheobh do chasaid earmach, ???
Cha dol thu a bhi mar ag a bios còrr. ???
 
Nuair a ruigeas tu na càirdean,
Gabhaidh iad dhìot naidheachd Màiri, ???
Chan urrainn dhut ni eil' a ràdh riutha,
Ach gun do dh'fhàg thu i fo bhròn.
 
Mary Smith: O Innse Gall
 
Tha mi nis an seo sa choilltich
'S mi measg Éireannaich is Frangaich,
Aig am bheil iomadh cainnt
Nach tuig mo cheann-sa ri mo bheò.
 
Séisd: Och nan och, tha mi fo mhulad,
Dhòmh-sa tha mo chòmhraidh duilich,
'S cruaidh an càs, ach 's fheudar fhulaing,
Nach fhaod mi fuireach ann ad chòir.
 
Cuimhneachadh nam beanntan dubh-ghorm,
Far am bi na féidh a' comhluadar,
Far am bi gach eun a shiubhlas, ???
'S iad ri smuainteadh as na lóin. ???
 
'S iomadh maduinn bhòidheach Shamhraidh
Bha mi measg nan cnoc 's nan gleanntan,
'S beag ba dùil agam 'san àm sin
Thighinn a nall an so ri m'bheò.
 
Nuair a ruigeas tu na càirdean,
Gabhaidh iad dhìot naidheachd Màiri, ???
Chan urrainn dhut ni a ràdh riutha,
Ach gun dh'fhàg thu i fo bhròn.

Return

This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page

Hosted by www.Geocities.ws

1