Am Fhaighir Mhuileach
Srath-spéidh
Faclan le Edward Pursell
Laddie wi' the Plaidie

Far am bi na faighrichean is ann a bhios na pìopairean
Far am bi na pìopairean is ann a bhios na dannsairean
Far am bi na dannsairean is ann a bhios na caileagan
Far am bi na caileagan is docha gum bi buaireas ann
 
Ho 'illean togaibh fonn air faighir ait th'air m'aire-sa
Cuid againn ris an òl is cuid ri mire 'saighearachd
Bò bhainne cheannaich mi is truagh gun tug mi dhachaidh i
Pòg mhilis thug mi dhi is chuir mi ròp air Màiri
 
Faighrichean is pìopairean is dannsairean is caileagan
Is bò bhainne aig mac a' ghobhainn 's Màiri Anna cuide rium,
Faighrichean, pìopairean, dannsairean, caileagan, caileagan, dannsairean, pìopairean, faighrichean
Nì mise leabaidh dhomh fhìn 's a' chrò 's bidh leabaidh àrd aig Màiri
 
Far am bi na faighrichean is ann a bhios na pìopairean
Far am bi na pìopairean is ann a bhios na dannsairean
Far am bi na dannsairean is ann a bhios na caileagan
Far am bi na caileagan is docha gum bi buaireas ann
 
Tràth áirigh 'n uair a dhùisg mi, b'eagalach mo bhruadaran
Tràth nòna dh'éirich mi, bu neonach leam na chunnaic mi,
Seall oirre 's i 'na cadal, bha mo cheann 'na thuainealaich
Bò bhainne 'na mo leabaidh 's anns a' bhuaile Màiri
 
Faighrichean is pìopairean is dannsairean is caileagan
Is bò bhainne aig mac a' ghobhainn 's Màiri Anna cuide rium,
Faighrichean, pìopairean, dannsairean, caileagan, caileagan, dannsairean, pìopairean, faighrichean
Nì mise leabaidh dhomh fhìn 's a' chrò 's bidh leabaidh àrd aig Màiri

Return

This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page

Hosted by www.Geocities.ws

1