Oran Dha'n Mhira
Allister MacGillivray

Séist:
An dealbhaich sibh fhèin aon chearnaidh dhe'n t-saoghal
Cho deasaicht' 'son uaislean a' chruinn,
'S coma leam do bhailtean seach taobh Abhainn Mharion,
Agus an sòlas na luib.

 

Am muigh air a' Mhira air feasgar ciuin blàth,
Bi bodaich ag iasgach lé luinne is le spàin
'S mar glac iad cal idir cha chluinnear bhuap smid
'S e mo mhian a bhi còmhla ruth' rithist.
 
Bho fhear air an uisge gu chaileag air tìr,
Gheibhear gaire a ghaol lé spòrs agus mir.
'S aig tuiteam an fheasgair thig àm 'son suiridhe
'Se mo mhian a bhi còmhla ruth rithist. (Séist)
 
Am muigh air a' Mhira air oidhcheanan sèamh,
Troimh lasair an teine cluinnear clann bheag a' seinn,
Lé danns' am measg chàirdean cluinnear órain bhinn,
'S e mo mhian a bhi còmhla ruth' rithist.
 
 
'S aig àm tasgadh an teine theid sgeulachdan innis,
Mu bhuitseachd 's mu bhòchain 's mu òr na Franngaich.
Runnag air uisge a tionndadh 'sa clis,
'S e mo mhian a bhi còmhla ruth' rithist. (Séist)
 
Am muigh air a' Mhira tha iad uile còir,
Bheir iad dhuit brachan, 'stogal-inntinn gu leòr,
'S ma bhitheas tu briste bheir iad dhuit sìth,
'S e mo mhian a bhi còmhla ruth' rithist.
 
'S an àm dhomh co-dhunadh 's e mo bheannach dhuibh slàint',
'S e mo dhùrachd dhuibh ceartas, is bearrtas gach là,
Ni mi 'ur fagal, aig toiseach mo chuairt,
Tha mi gu bhi còmhla ruth' rithist,
Tha mi gu bhi còmhla ruth' rithist (Séist)

Return

This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page

Hosted by www.Geocities.ws

1