Hi Horo 'S Na Horo Eile

Faclan le Iain MacGhill'Eathain

Séist (Chorus):
	Hi horò 's na hòro éile,
	Hi horò 's na hòro éile,
	Hi horò 's na hòro éile,
	Gur tu mo luaidh ri m' bheò cha cheil' mi.

1	Nuair a bha mi 'm chaileig ghòraich
	Thug mi gaol is gràdh do'n òigfhear
	Aig am bheil a' phearsa bhòidheach,
	'S cha ghradhaich mi ri m' bheò fear éile.

2	Chaidh mi choill nan crann 's nan gallan,
	chuir mi uigh am fiùran maiseach;
	b' ann an Glasachu nam bùithnean
	a thug mi rùn do 'n diùlnach fearail.

3	Miar as grinn' air peann a sgrìobhas
	's a chuir gleus air teudan fìdhle,
	's e do cheòl a thogadh m' inntinn
	nuair a bhithinn sgìth fo smalan.

4	Do chùl dualach, cuachach, bòidheach,
	falt do chinn mar it' an lòn-duibh,
	do dha ghruaidh air dhreach nan ròsan
	's iad fo dhealta ceò na maidne.

5	Tha do chalpa cuimir, direach,
	mar bhradan aibhne ruith gu fìor-ghlan,
	's gura fìor gu 'n tug mi luaidh dhuit
	measg na bheil de shluagh air thalamh.

6	Ach tha mis' an dùil 's an dòchas
	gu 'n tig an là 'sam bi sinn còmhladh;
	's ma bhios tu-sa dìleas dhomh-sa
	cha ghradhaich mi ri m' bheò fear éile.

From Michael "Tom" Thomson October 23, 1992 on Gaelic-L: This song is by John McLean of Balemartin (Iain MacGhill'eathain) and was written about 1880. That's the same John MacLean who wrote Oran Manitoba and and Breacan Mairi Uisdean (the Skye version by Mary MacPherson was published as "a new setting" of MacLean's song, something most Skyemen seem to have forgotten) which you can find somewhere in the Gaelic-L log files. But not to be confused with the other John MacLean from Tiree (Iain MacLaine, bard thighearna Colla) who wrote about Canada, or the later Tiree John MacLean (Iain MacLachainn) who wrote "fo smuarean air moch diLuaine". It's quite surprising that a tiny place like Tiree managed to produce three good poets with the same name in the space of 80 years. (The rumour that every male inhabitant of Tiree is called John MacLean is unfounded.)


Return

This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page

Hosted by www.Geocities.ws

1