Éisd 'San Iarmailt Oran Binn

E.T. Gillesabaig MacDhòmhnaill
Hark The Herald Angels Sing
Éisd san iarmailt òran binn:
Glòir gun chrìch do Rìgh nan Rìgh;
Sìth air thalamh 's tròcair shèimh,
Dia is daoine rèidh ri chèil'.
Duisgibh suas, a shluaigh, gu lèir,
'S freagraibh caithream buaidh nan speur;
Togadh talamh 's Nèamh an guth:
Rugadh Iosa Crìosd an diugh.
 
Séist:
Éisd san iarmailt òran binn:
Glòir gun chrìch do Rìgh nan Rìgh.
 
Crìosd, dhan toir na Nèamhan cliù,
Crìosda, Tighearna mór nan Dùl
Seall e tighinn aig crìoch nan linn,
Mac na h-òigh 's e bàidheil rinn.
Seall an diadhachd anns an fheòil,
Sgàil na daonnachd air a ghlòir:
Ghabh e tlachd an comann dhaoin',
Iosa, ar Imanuel caomh.
 
Fàilt' do Phrìonns' na sìth on àird!
Fàilt' do sholas Grian an àigh!
Bheir e beatha do gach aon,
Slàint' fo sgèith do chlann nan daoin';
Chuir e uaith' a ghlòir le gràdh
Gus ar dìon bho chumhachd bàis;
Togar leis-san daoine suas,
'S nì e iad nan gineal nuadh.

Return

This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page

Hosted by www.Geocities.ws

1