Ged a Sheòl Mi Air M'Aineol
Faclan le Roderick Morrison

Séist Ged a sheòl mi air m'aineol.
      Cha laigh smalan air m'inntinn,
      Ged a sheòl mi air m'aineol.
 
1   'S ann á Boston a sheòl sinn
    'Dol air bhòidse chun na h-Innsean.
 
2   Rinn sinn còrdadh ri caiptean
    Air a' bhàrc a bha rìomhach.
 
3   Trì latha roimh 'n Nollaig
    Thàinig oirnn an droch shìde.
 
4   Shéid e cruaidh oirnn le frasan,
    'S clach-mheallain bha millteach.
 
5   Cha robh ròpa 's robh òirleach,
    'N uair a reòth' e nach robh trì ann.
 
6   Chaill sinn craiceann ar làmhan.
    'S bha ar gàirdeanan sgìth dheth.
 
7   Trì latha is trì oidhche,
    'S bha seachdnar 'n sìneadh.
 
8   Am na Nollaig, cha robh candaich
    Cha robh Sants anns an tìr seo.
 
9   Dh'fhalbh 'n seòl-mullaich 'n a shròicean,
    Chan e spòrs a bhi 'g a ìnnse.
 
 
Chorus Although I sailed to foreign countries,
       Sadness did not linger in my mind,
       Although I sailed to foreign countries.
 
1   We sailed from Boston
    On a voyage to the Indies
 
2   We came to an agreement with
    A skipper of a handsome ship.
 
3   Three days before Christmas
    Bad weather descended upon us.
 
4   The wind blew strongly with rain-
    Showers and stinging hail stones
 
5   When the inch-thick ropes froze
    They became three inches in girth.
 
6   We lost the skin of our hands, and
    Our arms were tired of the struggle.
 
7   I spent three days and three nights
    At the wheel during the storm.
 
8   It is Christmas, there isn't candy,
    There is no Santa in this place.
 
9   The top-sail was torn to shreds;
    It is no fun to tell about it.

Ged a Sheòl Mi Air M' Aineol
As sung by John Alec MacDonald, 1975, North Shore Gaelic Singers
 
Séist Ged a sheòl mi air m'aineol.
      Cha laigh smalan air m'inntinn,
      Ged a sheòl mi air m'aineol.
 
1   'S ann á Boston a sheòl sinn
    'Dol air bhòidse chun na h-Innsean.
 
2   Rinn sinn còrdadh ri caiptean
    Air a' bhàrc a bha rìomhach.
 
3   Thilg i, shéid i oirnn le frasan
    'S clach-mheallain a bha millteach.
 
4   Gun robh ròpa 's gun robh òirleach,
    'N uair a reòth' e bha a trì ann.
 
5   Chaill sinn craiceann ar làmhan.
    'S bha ar gàirdeanan sgìth dheth.
 
6   Trì latha is trì oidhche,
    Air a' chuibhle le droch shìde.
 
7   'N uairsin thubhairt an caiptean
    "'Illean tapaidh na dìobraibh
 
8   'N uair a ruigeas sinn caladh
    Bidh ùr dram dhuinn cinnteach"
 
9   Dh'fhalbh an "rigging" dhe'n "bhowsprit"
    Leis an tonn a bha dìreadh.
 
10    Dh'fhalbh an "top-sail" 's a' "royal"
     Bochd an spòrs a bhi 'g a ìnnse.
 
11    'N uair a ruitheadh i gu fuaradh
     'S ann an uairsin rinn sinn mìle
 
12    Tha lionn dhubh air mo mhàthair
     'S truagh an dùil nach dèan sinn tilleadh

Ged a Sheòl Mi Air M'Aineol.
As sung by Alex Morrison, Marion Bridge
 
Séist Ged a sheòl mi air m'aineol.
      Cha laigh smalan air m'inntinn,
      Ged a sheòl mi air m'aineol.
 
1    'S ann á Boston a sheòl sinn
    'Dol air bhóidse chun na h-Innsean.
 
2    Rinn sinn còrdadh ri caiptean
     Air a' bhàrc a bha rìomhach.
 
3    Trì latha roimh 'n Nollaig
     Thàinig oirnn an droch shìde.
 
4    Shéid e cruaidh oirnn le frasan,
     'S clach-mheallain bha millteach.
 
5    Cha robh ròpa 's robh òirleach,
     'N uair a reòth' e nach robh trì ann.
 
6    Chaill sinn craiceann ar làmhan.
     'S bha ar gàirdeanan sgìth dheth.
 
7    Bha còignear 'n an seasamh,
     'S bha seachdnar 'n an sìneadh.
 
8    Trì latha is trì oidhche,
     'S mi ri cuibhl' ri droch shìde.
 
9    Sin uair labhair an caiptean
     "'Illean tapaidh na dìobraibh."
 
10    "'N uair a ruigeas sinn caladh
      Bidh ùr dram dhuinn cinnteach"
 
11    Dh'fhalbh an "rigging" o'n "bhowsprit"
      Leis an tonn a bha dìreadh.
 
12    Dh'fhalbh 'n seòl-mullaich 'n a shròicean,
      Chan e spòrs a bhi 'g a ìnnse.
 
13    'N uair a ruitheadh i gu fuaradh
      'S ann a bhuanaicheadh i mìltean
 
14    Tha lionn dubh air mo mhàthair
      Agus dùil aic' nach till mi.
 
Chorus Although I sailed to foreign countries,
       Sadness did not linger in my mind,
       Although I sailed to foreign countries.
 
1    We sailed from Boston
     On a voyage to the Indies
 
2    We came to an agreement with
     A skipper of a handsome ship.
 
3    Three days before Christmas
     Bad weather descended upon us.
 
4    The wind blew strongly with rain-
     Showers and stinging hail stones
 
5    When the inch-thick ropes froze
     They became three inches in girth.
 
6    We lost the skin of our hands, and
     Our arms were tired of the struggle.
 
7    Five of the crew members were standing
     And Seven were prone.
 
8    I spent three days and three nights
     At the wheel during the storm.
 
9    That is when the skipper said,
     "Do not yield stout-hearted lads."
 
10    "When you reach port
      Your dram will be certain."
 
11    The rigging and the bowsprit were washed
      With the wave that was rising.
 
12    The top-sail was torn to shreds;
      It is no fun to tell about it.
 
13    When the ship would veer to windward
      She would gain many leages.
 
14    My mother is dejected because
      She does not expect me to return.
Return

This page hosted by Geocity Icon | Get your own Free Home Page
Hosted by www.Geocities.ws

1