Fàill-ill-ó agus Hó-ro éile
A Fhleasgaich Dhuinn
Traditional

Séist Fàill-ill ó agus hò-ro éile
      Fàill-ill ó agus hó-ro éile,
      Fàill-ill ó agus hó-ro éile,
      A fhleasgaich dhuinn nach ann duinn a dh'éirich
 
1 Saoil sibh fhéin nach mi 'bha truagh dheth,
  Feasgar foghair air achadh bhuana;
  A h-uile té 's a fear fhéin r' a guallainn,
  'S mo leannan donn-sa air bhàrr nan cuantan.
 
2 Shiùbhlainn, shiùbhlainn, shiùbhlainn fhéin leat,
  Shiùbhlainn, fada troimh choill nan géug leat;
  'S 'n uair bha mi òg 's mi air bheagan céile,
  Gur e do ghaol-sa a rinn mo léireadh.
 
3 Gheall mo mhàthair fàinne òir dhomh;
  Gheall m' athair buaile bhò dhomh;
  'S ged gheibhinn sud 's an saoghal mór leis
  Gur mór gu 'm b' annsa leam gaol an òigeir.
 
4 'Phiuthar ghaolaich dean gu réidh riium;
  Cum an crodh 'us na laoigh bho chéile;
  'S ged ghabh mi 'm poca 's ged dh' iarr mi'n déirce,
  Na cumaibh uam-sa mo rogha céile.
 
5 Dé na'm faicinn thu seach a' bhuaile!
  Sgealb mi 'n cuman 'us thilg mi 'bhuarach;
  Chuirinn fhéin mo dhà làmh mu'n cuairt duit;
  'S có, a ghaoil, sin a chumadh uam thu?
 
6 Cinnidh dóbhrachain anns an earrach;
  Cinnich ùbhlan air bhárr nam meangan;
  Bheir sug 'am chuimhne-sa póg mo leannain,
  'S a h-uile té dhiubh air bhlas na meala.
 
The Rankins sing the Chorus, the first verse and then go back to the chorus repeating the last line once.

Return

This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page

Hosted by www.Geocities.ws

1