Ann am Baile Rìoghail Dhaibhidh

E.T. Ruairidh MacDhòmhnaill
Once in Royal David's City
Ann am Baile Rìoghail Dhaibhidh,
Ann am bàthaich ìosail thruaigh,
Chàirich màthair chaomh, a Leanabh
Anns a' phrasaich, 's e 'na shuain.
Moire ainm na màthar chaoimh,
Iosa Crìosd a Leanabh gaoil.
 
Thùirling E bho nèamh gu talamh
Ged bu Dhia nan uile E,
B'e an staball thug dha fasgadh,
B'i a chreathail prasach bhreun.
Leis a' bhochd is leis an truaghan
Thàthaich Slànaighear caomh neo-thruaillidh.
 
Is tre laithean àigh a leanabachd
Thug E urram agus spéis,
Umhlachd gr...idh do'n mhaighdinn ainnir
Dh'altraim E 'na uile fheum.
Sin mar dh'fheumas òigridh Chrìosda
Spèis is urram thoirt do dh'Iosa.
 
Oir is Esan ar Eiseamplair,
Dh'fhàs E suas mar aon d'ar seòrs';
Bha E lag is maoth neo-lochdach,
Shil E deòir is chluich E spòrs.
'S tha cho-fhaireachdainn gun chaochladh
Ann am bròn 's an aoibhneas daonnan.
 
Is ar sùilean chì fa-dheòidh E,
Tre a ghrÀdh tha sìorraidh buan;
Oir an leanabh ud bha ìosal
'S rìgh a-nis 's na nèamhaibh shuas;
'S tha E treòrachadh a chloinne
Gus an àit' san deach E romhainn.
 
Chan ann a-nis san stàball shuarach,
Leis na h-ainmhidhean mun cuairt,
Ach 's na nèamhaibh air a chàradh
Aig deas làimh na naomhachd shuas.
Is mu thimcheall air an crùnadh
A' chlann bheag a thug dha ùmhlachd.

Return

This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page

Hosted by www.Geocities.ws

own Free Home Page
Hosted by www.Geocities.ws

1