Cuachag Nan Craobh
Faclan Le Uilleam Ròs

1   A chuachag nan caaobh, nach truagh leat mo chaoidh
    Ag òsnaich ri oidhche cheòthar;
    Shiùbhlainn le'm ghaol fo dhubhar nan craobh,
    Gun duin' air an t-saoghal fheòraich.
    Thogainn ri gaoith am monadh an fhraoich,
    Mo leabaid ri taobh dòrainn,
    Do chrutha geal caomh bhi sinnte ri m' thaobh,
    'Us mise 'gad chaoin phògadh.
 
2   Chunna mi fhìn aisling, 's cha bhreug;
    Dh'fhàg sin mo chré brònach,
    Fear ma ri té, a pògadh a bhéil,
    A' brìodal an déigh pòsaidh.
    Dh'ùraich mo mhiann, dh'àith'rraich mo chiall,
    Ghuil mi gu dian dòimeach,
    Gach cuisle, us féith, o ìochdar mo chléibh,
    Thug iad gu leum còmhla.
 
3   Ort tha mo gheall, chaill mi mo chonn,
    Tha mi fo throm chreuchdan,
    Dh'aisigeadh t-fhonn slàinte do m' chom,
    Dhiuchdadh air lom m'éibhneas,
    Thiginn 'ad dhàil chuirinn ort fàilt';
    Bhithinn a ghraidh féidh riut--
    M'ulaidh 's mo mhiann, m'aighear 's mo chiall,
    'S ainnir air fiamh gréin' thu!
 
4   Thuit mi le d'ghath, mhill thu mo rath,
    Strìochd mi le neart dòrainn,
    Saighdean do ghaoil sàidht' anns gach taobh,
    Thug dhìom gach caoin còmhla
    Mhill thu mo mhais, ghoid thu mo dhreach,
    'S mheudaich thu gal bròin domh;
    'S mu fuasgail thu tràth, le d'fhuran 's le d'fhàilt'
    Is cuideachd am bàs dhomh-sa
 
5   'S cam-lubadh t'fhalt, fanna-bhuidh' nan cleac,
    'S fàbhradh nan rosg àluinn;
    Gruaidhean mar chaor, broilleach mar aol,
    Anail mar ghaoth gàraidh.
    Gu'n cur iad mi steach an caoil-thigh nan leac,
    Bidh mi fo neart cràidh dheth,
    Le smaointinn do chleas, 's do shùgradh ma seach
    Fo dhuilleach nam preas blàth-mhór.
 
6   'S milis do bheul, 's comhnard do dheud,
    Suilean air lìdh àirneig,
    'Ghiùlaineadh bréid, uallach gu feill,
    'S uasal an reul àluinn
    'S trua' gun an t-éud tha'n uachdar mo chleibh,
    'Gad bhualadh-s' an ceud àite
    Na faighinn thu réidh pòsd' on a chleir
    B'fhasa dhomh-fhìntearnadh.
 
7   'S tu 'n ainnir tha grinn, mìleanta, binn,
    Le d' cheileir a seinn òran,
    'S e bhi mna do dhàil a dh'oidhche 's a' latha,
    Thoilicheadh càil m'òige
    Gur gile do bhian na sneachd air an fhiar,
    'S na canach air sliabh mointich,
    Nan deanadh tu rùin tarruinn rium dlùth
    Dheanainn gach tùrs' fhògar.
 
8   Càirear gu réidh clach agus cré,
    Mu m' leabaidh-sa 'bhrìgh t-uaisle--
    'S fada mi 'n éis a' feitheamh ort féin
    'S nach togair thu 'gheug, suas leam.
    Na'm b'thusa bhiodh tinn, dheanainn-sa luim,
    Mu'm biodh tu fo chuing truaighe,
    Ach 's goirid an dàil tu 'm faicear an latha,
    'M bi prasgan a' trà'l m' uaigh-sa!
 
9   'Mallachd an tus, aig a mhnaoi-ghlùin',
    Nach d'adhlaic 's a' chùil beò mi!
    Mu'n d'fhuair mi ort iùil ainnir dheas ùr,
    'S nach dùirig thu fiù pòg ghomh,
    Tinn gu'n bhi slàn, dùisgt' as mo phràmh,
    Cuimhneachadh dàn pòsaidh
    Mo bheannachd 'ad dhéigh, cheannaich thu féin,
    Le d'leannanachd glé òg mi.
It has been speculated that the tune to this formed the basis of the much loved Skye Boat Song. The words are by William Ross, who lived in the late 17th century. The tune this is sung to, has the first four lines of it like the second half of the Skye Boat Song, and the last half of each verse sung like the first half. The tune is ALMOST but not exactly the reverse of the Skye Boat Song.

Return

This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page

Hosted by www.Geocities.ws

1