Do'n Cheud Smeòraich

Faclan le Coinnich A MacFhearghais
Fonn: Do'n A' Chuthag

1   Ceud mìle fàilte, eòinein bhinn,
    Gur taitneach leinn do theachd-sa,
    'S tu air a' gheuig a's àird' dhe'n chraoibh,
    A' seinn do cheòil cho tlachdmhor.
    Tha 'n geamhradh fuar air fhogradh uainn
    'S cha robh 'nar cluais do mhànran,
    Ach thill thu 'ris, gu bòidheach grinn.
    Eòin bhinn, ceud mìle fàilte!
 

2   Air sgiathan clis, thug thu air n' ais
    D' ar n-ionnsaidh sgeul an earraich,
    'S tha seirm do bheuil a' togail séisd
    Gu réidh, thar coill' is machair;
    'S do chéile gaoil, ri brìodal dlùth,
    Le faoilt a' nochdadh gràidh dhut,
    's a' sireadh d' fhabharan le cinnt
    Eòin bhinn, ceud mìle fàilte!
 

3   Bi thu gu moch, aig éiridh gréin,
    'Gad chluthadh fhéin gu h-orghath,
    'S a' cuir an ceill, gu fonnmhor, gleusd',
    Nach fheum thu lagh 'gad sheòladh.
    'S o'n chuala sinn do chèilear binn,
    Gu 'n d' lion ar cridh' le gàird'cheas,
    O'n thàinig earrach nuadh a ris --
    Eòin bhinn, ceud mìle fàilte!

Return

This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page

Hosted by www.Geocities.ws

1