Òran Chalum Sgàire

Séist Air fail a ra u,
Fail éile 's a ra u,
Fail éile 's a ra u,
Hogaidh o 's no ho i.
 
Och a Rìgh gur trom m'osna,
'S fhada ò mo luaidh a nochd mi,
Mise tuath air Ceann Lochlainn,
'S ise aig Loch an Fhìr Mhaoil.
 
Dh'fhalbh i, ghluais i leinn dhaichaidh,
Chuir i chuairt ud air Arcaibh,
Cruinn ùra 's siùil gheala,
Tìde mhara 's i leinn.
 
Ged is math a bhith seòladh,
Ged is math a bhith seòladh,
'S olc a tha i 'gam chòrdadh,
'S mór gum b'fheàrr a bhith 'm Bp\sta
Cur an eòrna 's an raon.
 
Ach nam bithinn-sa aig baile,
A shamhradh 's a dh'earrach,
'S mi nach leigeadh mo leannan
Ri balach gun strìth.
 
O Lord! I've a heavy, sighing heart,
My love is far away from me tonight,
I'm away in the north at the Cape of Norway,
While she's at Loch an Fhir Mhaoil.
 
It set sail for home with us,
It sailed 'round Orkney,
New masts and white sails on her,
She was running with the tide.
 
Though it is enjoyable to be sailing,
I cannot say I'm enjoying it just now,
I would rather be in Bosta
Planting the corn in the field.
 
If only I could be at home
Both summer and spring,
I would never allow another man
To have my love without a fight.
 
 
From Eilean Fraoch
Oran Chalum Sgàire
Faclan le Calum
 
Séist Air fàill ó ro-u
Faill éileadh í ro-u
Air fàill ó ro-u
Hogaibh ó 's na hó ì.
 
O rìgh gur trom m' osann,
's fhada bho mo luaidh nochd mi,
Mise Tuath an Cuan Lochlainn
'S is' aig Loch-an-fhìr-Mhaoil.
 
Dh'fhalbh i, ghluais i leinn dhachaidh,
Chuir i chuairt ud air Arcaibh,
Siùil ùra 's cruinn gheala,
Tìde mhara 's i leinn.
 
'N uair a nochd i air fàire
Bha mo leannan-sa 'g ràdhtainn,
"Siud an t-soitheach air 'Cràgam'
Calum Sgàire tha innt'."
 
Ged is math a bhith seòladh,
'S bochd an obair ud dhòmh-sa
'S mór gum b'fheàrr leam bhith 'm Bòstadh
Cur an eòrna 's an raon.
 
Ach nam bithinnn-s' aig baile
A Gheamhradh 's a' dh'Earrach,
Cha leiginn mo leannan
Le balach gun strìth.
 
Nam bithinn-sa làmh riut
'N uair a thug do làmh dhi,
'S ann a dh'fhaodadh do chàirdean
Dhol a chàradh do chinn.

This page hosted by Geocity Icon | Get your own Free Home Page
Hosted by www.Geocities.ws

1