Ho Ro Cha'n 'Eil Cadal Orm

From An t-Oranaiche, page 334

Ise -
Ho ro, cha'n 'eil cadal orm,
Cha'n 'eil m' air' air sòlas,
Mo chul-thaobh ri ceòl gàire
Bho'n latha chaidh mo phòsadh
    Ho ro, cha'n 'eil cadal orm,
 
Bha m'athair is mo mhàthair
'S mo bhràithrean uile deònach
Mo phòsadh ris an t-seann fhear
O'n bha mi gann do stòras,
    Ho ro, cha'n 'eil cadal orm,
 
'S e 'n t-òr thug an car asam,
'S e 'n seann fhear rinn mo bhuaireadh,
'S e 'm pòsadh rinn mo shàruch',
'S tha bhlàth sud aair mo ghruaidh-se,
    Ho ro, cha'n 'eil cadal orm,
 
'N uair bhitheas càch 's na bàiltean
'A crathadh an cuid ghùntaibh;
Bith'dh mise leis an t-seann fhear
A's srann aig air mo chùl-thaobh,
    Ho ro, cha'n 'eil cadal orm,
 
Comhairl' oirbhs' a chaileagan,
An earail seo na diùltaibh
Gun tàir a dhean' air òigh-fhear
Ged bhith's a sporan sùmhail,
    Ho ro, cha'n 'eil cadal orm,
 
Esan -
Ged nach 'eil an òig agam
Dheanainn òr a chùinneadh,
A's ghleidhinn thu 'd bhean uasal
Co math ri fear a' d' dhùthaich,
    Ho ro, cha'n 'eil cadal orm,
 
'N uair dh'éidear le calico
Guanagan na tìre,
Bith'dh tusa leis an t-seann fhear
A's srann aig do ghùn sìoda,
    Ho ro, cha'n 'eil cadal orm,
 
'N uair bhith's mnath'n a' bhaile seo
Ri carachd a's ri guaineas;
Bith'dh thusa le d' bhanaraich
A cuir a chruidh do 'n bhuailidh,
    Ho ro, cha'n 'eil cadal orm,
 
Tha naoi bliadhna 'n taice seo
O'n a chaiadh sinn còmhladh,
Tha'n oighreachd an diugh sàbhailt'
A's pàisd' aic' air a glùinean,
    Ho ro, cha'n 'eil cadal orm,
 
O thàlaidh mi chadal i,
'S dh'amaisinn air a dùsgadh,
'S tha m' inntinn taingeil toilichte
'S mo sporan air a giùlan.
    Ho ro, cha'n 'eil cadal orm,

Return


This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page
Hosted by www.Geocities.ws

1