Aithne do'n Oig

Date: Fri, 2 Feb 1996 10:46:13 -0400
From: Murdo Macleod <[email protected]>
Subject: Ceilidh ann an Dun-Eideann
Bithidh Ceilidh ann an Dun-Eideann an ath oidhche (Di-Sathurna). Tha fios agaibh nach fhaigh a' mhor chuid agaibh ann. Ach seo blasad de na cluinneas daoine. 'Se oran a th'ann a rinneadh le Bard Baile Leodhasach. B'e Calum MacIllinneinn (Calum Mairead) nach maireann, a sgriobh e. Chaidh a dheanamh eadar 1940 is 1970. Agus am bard a' caoidh mar a bha daoine oga anns an sgire aige fhein a' deanamh. Tha mi dochasach gu bheil an suideachadh air Ghaidhealtachd na h-Alba nas fhearr an diugh - co-dhiu a thaobh am meas a th'aig daoine air an dualchas aca fhein. Tha mi 'n dochas gun cord an t-oran riubh.
	Tha m'inntinn trom 's chan ionghadh e
	Mo chiabhag glas le cor,
	Mo shùilean 's tric ri lionadh iad
	Le deuchainnean is bron
	A' Ghaidhlig choir ri crionadh bhuainn
	'Ga tiodhlaigeadh fo'n fhod
	Tha ar n-oigridh ri cur sios oirre
	Cha'n 'eil rian aice 'bhi beò

	Nach cuimhnich sibh na thriall againn
	'Ga dhion do'n Chogadh Mhor
	Tha cuid nach till gu siorruidh dhiubh
	Is ceudan 'chaidh an leon
	Nach ann a' dion na Gaidhlig seo
	A dh'fhag iad Eilean Leodhais
	Carson a reisd 'bhiodh tair againn
	Air a' chanain 'bh'aca 'nam beo?

	Gach linn bha ann bho thainig sinn
	'Si a' chanan 'bh'aca 'san ceol
	Bha 'n comhnuidh aig ar parantan
	'Tha samhach 'n diugh fo'n fhod
	Biodh Goill ri deanamh tair oirre
	Ach naire cha bhiodh oirnn
	Biodh sinn le seinn is dain againn
	Ged 'bhiodh am blar air bord

	Cha leig mi'leas 'bhi 'g innse dhuibh
	An ni mu'm bheil mo sgeoil
	Chi sibh e mas leir dhuibh e
	Anns an reis 'sam bheil sinn beo
	Is ged 'tha Mod na Gaidhealtachd
	Ro fheumail air gach doigh
	Tha 'Ghaidhlig choir 'bhiodh feumail dhuinn
	'Ga treigsinn aig an oig

	O cuimhnichibh nach treig sibh i
	Gach Gaidheal a tha 'n diugh beo
	Cha dean i 'chaoidh ar sarachadh
	Ach blaths 'tha innte gu leor
	'Nuair a bhios sibh anns na fasaichean
	Fo amhghar neo fo leon
	Bithidh rann de dh'oran Gaidhlig dhuibh nas fhearr na botul mor

	Nis duinidh mi an dan tha seo
	Le aithne do'n oig
	'S do gach neach a dh'araicheadh
	'An Eilean aluinn Leodhais
	Seo an dileab a chaidh fhagail dhuibh
	Le ar cairdean nach eil beo
	Nach gleidh sibh p-fhein gu sabhailte i
	Do'n al a thig faidheoidh

Return

This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page

Hosted by www.Geocities.ws

1