Silent Night

(Four Versions)
Sàmhach an Oidhch'


Sàmhach an oidhch', naomha an oidhch'
Saoghal 'na chadal; 's a-mach bho ar soills'
Moire is Iòseph an stàball fàs
Faire os cionn an Leinibh le gràdh,
Cadal gu nèamhaidh sèimh,
Cadal gu nèamhaidh sèimh.
 
Sàmhach an oidhch', naomha an oidhch'
Buachaillean chunnaic an solas le boillsg',
Chual' iad an t-òran bho ainglean na Glòir,
Fada is farsaing an naidheachd ro-mhór,
Crìosd am fear-saoraidh tha dlùth,
Crìosd am fear-saoraidh tha dlùth,
 
Sàmhach an oidhch', naomha an oidhch'
Aon Mhac Dhé, saor bho fhoill,
Fàilte a' ghràidh anns an aghaidh cho caoin,
Latha nan gràs nis air tighinn duinn dlùth,
A Shlànaigheir, bhon thàinig Thu nuas,
A Shlànaigheir, bhon thàinig Thu nuas,
Ciùin an Oidhch'
E.T. Pòl MacAonghais

Ciùin an oidhch', naomh an oidhch',
Saoghal sèimh, balbh gun soills',
Moire is Iòsaph, a' chàraid gaoil,
Caithris an naoidhein bheannaichte, chaoimh,
Suaint' ann am fois tha bho Nèamh,
Suaint' ann am fois tha bho Nèamh,
 
Ciùin an oidhch', naomh an oidhch',
Nochd an reul a b'àille soills'
Do na cìobairean shuas air a' bheinn
'S chualas ainglean le aoibhneas a' seinn:
Crìosd ar Fear-saoraidh a th'ann;
Crìosd ar Fear-saoraidh a th'ann;
 
Ciùin an oidhch', naomh an oidhch',
Aoin Mhich Dhè 's àille loinn,
Gràdh a' dòrtadh oirnn bho do ghnùis,
Aoibhneach an uair is Tu còmhnaidh rinn dlùth:
Fàilte do'r Slànaighear caoin;
Fàilte do'r Slànaighear caoin.
Oidhche Sèimh

Oidhche Sèimh, Oidhche naomh
Mais' 'us Sìth 's an t-saoghal an nochd
Mu thimchioll Moire, Màthair 's a paisd,
Naoidhean gaolach cho ciùin 'us cho glan
Caidil 'an siothchaint 'us gaol,
Caidil 'an siothchaint 'us gaol.
Oidhche Shàmhach

Oidhche shàmhach, oidhche naomh,
Cadal ciùin tha air an t-saogh'l,
Màiri is Ioseph 'san stàbull fhuar,
A' freasdal a' phàisd tha àlainn 'na shnuadh,
An sìth o nèamh 'na shuain,
An sìth o nèamh 'na shuain.
 
Oidhche shàmhach oidhche naomh,
B'e buachaill chunnaic fòs an t-soills
's a chuala farsaing feadh na tìr
An t-séisd bh'aig ceòl nan ainglean binn:
Tha Criosd, am Fear-saoraidh, 'nur còir,
Tha Criosd, am Fear-saoraidh, 'nur còir.
 
Oidhche shàmhach, oidhche naomh
Aon Mhac Dhé, cho maiseach leinn;
Tha gràdh a' boillsgeadh oirnn bho d'ghnùis
'S tha uair nan gràs an dràsd dhuinn dlùth,
Shlànaighear, o'n rugadh tu,
Shlànaighear, o'n rugadh tu.

Return

This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page

Hosted by www.Geocities.ws

1