Na Buachaillean

E.T.
While Shepherds Watched Their Flocks
Air bhith do bhuachaillean le chéil'
A' faire treud 'san oidhch',
Thaisbeanadh aingeal daibh o nèamh
'S am magh lìon e le soills.
 
Bu mhór an oillt ach thuirt e riu
Na gabhaibh geilt no sgàth
Oir sgeul ro-ait tha agam dhuibh
Is do gach linn gu bràth.
 
'N diugh rugadh dhuibh am baile 'n rìgh
An Slànaighear, eadhon Criosd
Feuch cluinnibh uam-sa comharradh
Le'm mothaich sibh gu fìor.
 
An naoidhean nèamhaidh gheibh sibh 'n sin
Follais do shùilean dhaoin,
'S e paisgt an trusgan an-uasal
'S na laigh am prasaich fhaoin.
 
Labhair an Seraph seo, 's air ball
Bha 'm magh de ainglean làn
A' seinn gu binn do Dhia na sìth
'S b' e seo bu bhrìgh d'an dàn.
 
'Gach glòir do Dhia 's na nèamhan shuas
Sìth bhuan air thalamh tà;
Noch Dia dheagh-thoil do'n chinne daoin
'S cha traoigh am feasd a ghràdh."

Return
This page hosted by Geocity Icon | Get your own Free Home Page
Hosted by www.Geocities.ws

1