Seall Thall Tighinn Bho'n Ear

Le Iain MacLeòid
Air Fonn An t-Eilean Dorcha
Seall thall tighinn bho'n ear le sealladh bho Nèamh,
Tha daoine nan cabhaig a' leantainn na rèilt;
San stàball le leanabh tha Moire cho sèimh
Am prasaich, gun dhearain, gràdh Dhè dhuinn.
 
Séist
O reult, thoir dhomh soillse 's an oidhch' a' fàs dorch',
Mi creidsinn do gheallaidh, mo thaic thu 's mo threòir;
Cuir solas air slighe a rithist led ghlòir,
Ach am faic mi am prasaich do ghràdh dhomh.
 
Thàinig ainglean gu talamh le moladh is seinn,
Air mòintich gach cìobair le chaoraich am faing;
Theich cadal is leum iad, le aoibhneas toirt taing,
Is ruith iad nan deann chun an stàbaill.
 
Cha sguir ainglean a chaoidh a' moladh a ghràidh,
San reult bidh soillse a dh'oidhche 's a là;
Bidh'm fonn ud nan cluasan 's nan crìdhe gu bràth
Am prasaich, san stàball, gràdh Dhè dhuinn.

Return

This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page

Hosted by www.Geocities.ws

1