Don Mharaig
To a Haggis
Raibert Burns
E.T. - Ruairidh Domhnallach

Gur brèagha d' aghaidh bhàigheil chaoin
A Mharag, rogha chlann nan daoin'.
Os cionn gach biadh tha thu nar smaoin
A ghrealaich chàirdeil:
Gur math a b'fhiach thu alt'chadh -- aon
Cho fad' ri'm ghàirdein.
 
An truinnseir mór gun lion thu làn,
Mar chnoc fad-as a ta do mhàs,
Do dhealg gun cuireadh daoine 'n sàs
A chàradh muilinn,
Is tro do chraiceann dealt a' snàmh
Mar òmar soilleir.
 
Mo sgian gun gabh mi, glan is geur,
'S gun geàrr mi thu gu h-ealamh gleusd',
'S gum brùchd a-mach do mhionach rèidh,
Mar chladhan cas;
'S an sin gu faic sinn sealladh treun
-- Ach 's fheàrr am blas.
 
An sin gach aon thig ort le spàin.
Am fear mu dheireadh -- chun an làir,
Mar bharaillean bhiodh loma làn
Am brù gu tiugh
Air at, is cluinnear Taing do'n Agh
Bho fhear-an-taigh'.
 
Co 'm fear tha dèidheil air ragout,
Neo olio nach b'fhiach le cù,
Neo fricasee leam fhìn nach fiù,
Mar aon a sgeith,
Le tarcuis seallam air an triùir --
Tha thus' air leth.
 
An truaghan bochd cha'n fheàrr na trais,
A spionnadh sìolaidh e gu brais,
A lurga caillidh i a treis,
'S is tann a dhòrn;
Cha b'fheàrr ann an àm na creich'
Na leanaban òg.
 
Ach seall am fear a dh'ith an duis,
An talamh criothnaichidh fo a chois,
'S le chlaidheamh sgaiteach ann a bhois
'S le neart a ghualainn,
Gun sgath e cinn a naimhde crosd',
Mar achadh chluaran.
 
'S O Uile-chumhachd os ar cionn,
Tha dèanamh fòir air clann nan daoin',
Cha'n iarradh Alba lurgann chaol,
Neo eanraich thana;
'S ma bheir Thu for da h-ùrnaigh chaoin ---
CUM RINN A' MHARAG.

Return

This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page

Hosted by www.Geocities.ws

1