An t-Each Ruadh Aig Roland Steele


Séist Hi ri u il 'us o
      Mo chridhe trom, 'us cha charaich e,
      Cha thaobh na caileagan mi,
      O 'n sheòl mi-fhigrave;n 'nam mharaiche.
 
1 An t-each ruadh aig Roland Steele,
  Gu'n cuir na biastan tachais ann,
  'N uair a dh'ith e leth an fheòir,
  Cha dh'fhàg iad móran craiceann air.
 
2 'S eadar Nollaig 's a Bliadhna Ur,
  A chaidh e null gu Garrett leis,
  Chuala e gu robh e turail,
  Air son a' bhruid examinagh.
 
3 'N uair a ràinig e an cùl,
  Cha d'rinn e fhiù as aithneachadh,
  Gu'n bhruidhinn e 's a' Bheurla,
  "Can I trade this animal?"
 
4 "Gur e Finnigan cur an taobhs' mi,
  Cha 'n 'eil mi'n dùil do mhealladh leis,
  Cuir air ceithir crùidhean ùr,
  'S mo rùn gu'n dean e tarruinn dhuit."
 
5 'N uair a thòisich e gu crùidheadh,
  Bit e 'n cùl a claigionn e,
  'S an thuirt Roland ris gu dìombach,
  "Bhrùth thu air a spavin e"
 
6 'S an thuirt Garrett ris gu fiadhaich,
  "Cha do bhiadh thu ceart bho samhuinn e,
  Cha dèan e ach biadhadh fithich
  Tha na biastan damainte air.
 
7 Teich dhachaigh leis gun dàil,
  Mu faigh làir 's a' searrach iad,
  Na faiceadh thu gu sìorruith bràth,
  A mach air braigh am baile agam."
 
8 Gu robh caball aig na reins,
  Bha móran orr' do snaimeanan
  'S cuip aige do wire o'n fheòir
  'A 's straic e cnaimh na droma aige.
 
9 'N uair a ràinig e an stoir,
  Bha 'n t-each na lòn a falluis aig,
  Ach thuirt e ri Bessie as an stoir,
  "Lord how that horse was travelling".
 
10 Gur e Hector bha gu crùidheadh,
   Sid a mhill na casan aig,
   G'an cuir air le tàirnean bata
   Gur h-ann a b'fhearr a dh'fhannadh iad.
 
11 Sid far an robh am beathach lively
   Falbh a dhriveadh sgoilearan,
   'N uair a ràinig e an Cobh
   Cha mhór bhitheadh ann air tòiseach air.

Return

This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page

Hosted by www.Geocities.ws

1