Anns an Dubhlachd Gheamhraidh

E.T.
In the Bleak Mid-Winter
Anns an dùbhlachd gheamhraidh,
Lann sa ghaoith a tuath,
B'iarann ùir na talmhainn,
'S aibhnean reòdhta cruaidh;
Cathadh sneachd' chuir dall bhrat
Thar gach sliabh,
Anns an dùbhlachd gheamhraidh
Fad' o chian.
 
Dia mór tha cho buadhmhor,
Uachd'ran thar gach nì
Talamh 's speur th'air fuadach
Nuair thig e mar Rìgh;
Ach 'san dùbhlachd gheamhraidh
Connlach prasaich dhìon,
'S shocraich leabaidh 'n leanabain,
Iosa Crìosd.
 
Ainglean is àrd-ainglean
Sheinn an còisir bhinn,
Cerubim is seraphim
Chruinnich os a chinn;
Ged nach d'aithnich càch e
Ach a-mhàin an òigh,
B'adhradh do'n Fhear Ghràdhach
Blàths a pòig.
 
Ciod a dhìolas truaghan
Mar tha mi nis dhà?
Nan robh mi 'nam bhuachaill,
Thairgsinn uan le gràdh;
Gliocas inntinn lùiginn
Ann a chùis bhith strì;
Sin dìolam dhà le sunndachd
Umhlachd crìdh'.

Return

This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page

Hosted by www.Geocities.ws

href="http://www.geocities.com/">Free Home Page
Hosted by www.Geocities.ws

1