Bha Sneachd na Chuibhrig

Le Dòmhnall Iain MacDhòmhnaill
Bha sneachda na chuibhrig air ìseal is àrd,
Am broinn an taigh òsda na seòmraichean làn;
Bha Màiri is Iòsaph air tòir àite tàimh
Am Bethlehem fhuadain 's an uair ann mu thràth.
 
O c'àit' an robh fasgadh bhon chas-shileadh fhuar
Dhan òigh a bha giùlan Fear-saoraidh an t-sluaigh?
Ach threòraicheadh dìreach is cinnteach an ceum
Dhan fhàrdaich a b'isle san tìr ud gu lèir.
 
O, seall E na shìneadh gun rìomhadh na chòir;
O, seall air a Mhàthair ga thàladh le deòin,
'S na h-ainglean a' fàilteachadh pàisde na h-òigh
Bidh'n oidhche seo àraid an cànan 's an ceòl.
 
Bha ceòl air a' ghaoith agus shoillsich an reul
Mun cuairt air na cìobairean, 's shìn iad an ceum:
'S an uamha nan ainmhidhean thairg iad an gaol
Dhan naoidhean aig Màiri, Rìgh-phàisde chlann-daoin'!

Return

This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page

Hosted by www.Geocities.ws

1