Seall an Sneachd' a' Gheamhraidh Fhuair

E.T. Iain MacMhaoilein
See Amid The Winter's Snow
Seall an sneachd' a' gheamhraidh fhuair
Air ar son air talamh cruaidh,
Seall am measg an t-sluaigh an t-Uan
Ghealladh dhuinn on t-sìorraidh bhuan.
 
Séist:
Fàilt' ort fhéin, a mhadainn àigh!
Fàilt', a chamhanaich nan gràs;
Seinnibh feadh Ierusalèim:
Rugadh Crìosd am Bethlehèm.
 
A chìobair, innis dhuinn do sgeul:
Carson a tha thu 'n-diugh air ghleus?
Carson a dh'fhàg thu bhuat an treud
An an t-sliabh gun neach nan déidh?
 
Oidhche chaithris faire sprèidh,
Chualas ceòl bha aoibhneach leinn
Còisir ainglean seinn gu binn
'G innse dhuinn mu bhreith an Rìgh.

Return

This page hosted by Geocity Icon Get your own Free Home Page

Hosted by www.Geocities.ws

1