Flùr na h-Albainn

O Fhlùir na h-Albainn
Cuin a chì sinn
An seòrsa laoich
A sheas gu bàs son
Am bileag feòir is fhraoich
A sheas an aghaidh
Feachd uailleil Ìomhair
'S a ruaig e dhachaidh
Air chaochladh smaoin.

 

Na cnuic tha lomnachd
'S tha duilleach Foghair
Mar bhrat air làr
Am fearran caillte
Dan tug na seòid ud gràdh
A sheas an aghaidh
Feachd uailleil Ìomhair
'S a ruaig e dhachaidh
Air chaochladh smaoin.

 

Tha'n eachdraidh dùinte
Ach air dì-chuimhne
Chan fheum i bhi
Is faodaidh sinn èirigh
Gu bhi nar rìoghachd a rìs
A sheas an aghaidh
Feachd uailleil Ìomhair
'S a ruaig e dhachaidh
Air chaochladh smaoin.


 

Version 2

Flùr na h-Alba

O Flùr na h-Alba
O cuin a chì
Do sheòrs' a rìs
A shabaid 's a bhàsaich
Airson do chnuic 's do ghlinn
'S a sheas an àird ris
Nàmhaid dha Sheòrsa
'S a thill air ais iad
Gu smuain a rìs.

 

Tha na cnuic sin lom nis
Is duilleag Foghair
Na laigh aig sìth
An tìr chaidh a chall dhuinn
Bha uair le'r n-uile chrìdh'
A sheas an àird ris
Nàmhaid dha Sheòrsa
'S a thill air ais iad
Gu smuain a rìs.

 

Ach tha là sin seach' nis
Is na ar h-inntinn
A bhios e chaoidh
Ach èirigh sinn suas nis
'S an tìr bì againn a rìs
A sheas an àird ris
Nàmhaid dha Sheòrsa
'S a thill air ais iad
Gu smuain a rìs.




Back to English version

Return to index

Hosted by www.Geocities.ws

1